An Comunn Gàidhealac

Am Bòrd Stiùiridh

John Macleod (President)

Iain MacLeòid (Ceann Suidhe)

‘S ann à Carlabhagh, Eilean Leòdhais a tha Iain ‘s bha Gàidhlig aige bho thùs. Tha e air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann bho 1970 nuair a ghluais e ann a bhith na fhear poileis. Tha e air an dreuchd seo a leigeil dheth a-nis ach tha e fhathast trang le leasachadh na Gàidhlig, an sàs gu sònraichte ann am foghlam, na h-ealain ‘s a’ choimhearsnachd o chionn iomadh bliadhna. B ‘e neach gairm Comann nam Pàrant (Nàiseanta) a bh’ ann airson seachd bliadhna agus chaidh a’ chlann aige, Màiri & Calum, oideachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

A-measg nan dleasdanas a th’ aig’ an-dràsta, tha eadar-theangachadh na Gàidhlig, a’ sgaoileadh bhrathan Gàidhlig, leasachadh coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann part-ùine agus a bhith na chomhairliche dha Comunn na Clàrsaich, le dlùth sàs ann am Fèill Dhùn Èideann Eadar-Nàiseanta na Clàrsaich. Thòisich e mar Cheann Suidhe a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann an 2007 as dèidh dha Roinn an Ear-Dheis a riochdachadh air an Àrd Chomhairle. Tha Iain pòsta aig Cairistìona à Gallaibh- an sgìre far an tèid Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 a chumail.

Janet MacDonald (Convenor)

Seònaid Nic Dhòmhnaill (Neach Gairm)

Rugadh agus thogadh Seònaid ann an Tobar Mhoire ann am Muile, agus ‘s ann an sin a tha i fhathast a’fuireach! Thug i a-mach ceum ann an Gàidhlig agus Matamataic aig Oil-thaigh Dhun Èideann, agus bha i a’teagasg an dà chuspair sin fad iomadh bliadhna. Bhuannaich Seònaid Bonn Òr a’Chomuinn ann an Inbhir Nis ann an 1984, ach ron àm sin bhiodh i a’gabhail pàirt ann am farpaisean aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta.  Bha i na ball den chòmhlan “Sound of Mull” a bha  gu math ainmeil anns na seachdadan ‘s na h-ochdadan.  Tha i fhathast a’seinn ann an Còisir Mhuile agus ann an Atomaig Piseag.

Tha i air a bhith strì às leth na Gàidhlig fad a beatha.  On a sguir i theagasg làn-ùine, tha i air a bhith ag obair airson Sabhal M_r Ostaig, a’cur taic ri oileanaich air a’Chùrsa Inntrigidh, agus cùrsaichean eile.  Cuideachd, tha i an sàs ann am Mòd Ionadach na Dreòlluinn, Fèis Mhuile, Co-roinn Ghàidhlig Mhuile agus Idhe, agus iomairtean sam bith a tha cur taic ris a’chànain! Tha Seònaid gu mòr airson Gàidhlig Earra-Ghàidheil a chumail air beulaibh an t-sluaigh, mas urrainn dhith!

John Morrison (Chief Executive)

Iain Moireasdan (Ard-Oifigeir)

‘S e Àrd Oifigear a’ Chomuinn Ghaidhealach a th’ ann agus rugadh agus thogadh e ann an Nis, Eilean Leòdhais. Mus do thòisich e aig a’ Chomunn b’ e Manaidsear Ionmhais agus Rianachd aig Bòrd Turasachd Dhùn Dè agus Aonghais agus Iar Rùnaire Colaiste Ealain Jordanstone, Oilthigh Dhùn Dè. Na thìde fhèin tha a’ ruith Sgioba Òigridh Ball-coise agus tha e na bhall de Comhairle Choimhearsnachd Broughty Ferry. Tha e cuideachd na bhall na bhall de Urras Gleidhidh Thogalaichean Taobh Tatha.

Robin Banks

Robin Banks

Cheumnaich Robin Banks bho Oilthigh Dhùn Èideann le ceum lagha agus dh’ obraich e bhon uair sin san dreuchd ud anns Òban far an do thogadh e. Bha e na chomhairliche airson Comhairle Earraghaidheal ‘s Bhòid fad 15 bliadhna, a’ cur seachad 6 dhiubh.mar Iar-Cheannard. Tha e air a bhith na bhall de iomadh comataidh a’ Chomuinn thar nam bliadhnaichean agus an-dràsta, tha e air comataidh an Airgid, Rianachd agus Luchd-obrach agus Comataidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Tom Mitchell

Tòmas Mitchell

Tha Tom air a bhith na bhall den Chomunn airson iomadh bliadhna a-nis ‘s e air cuideachadh a thoirt dha na Mòdan airson barrachd air 40 bliadhna. Tha e air Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn agus bidh e ga riochdachadh air Urras MhicCuaig agus Comataidh Gàidhlig Lannraig a Tuath. Tha Tom a’ fuireach ann an Comar nan Allt far a bheil e na bhall de Mheur Ghlaschu ‘s bidh e a’ riochdachadh Roinn an Iar Dheis air a’ Bhòrd Stiùiridh.

Norma A Young

Norma A Young

Tha Norma às an Eilean Sgitheanach agus tha i ag obair mar QIO airson Roinn an Fhoghlaim ann an Comhairle na Gaidhealtachd, le uallach airson cuid de Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd. ‘S i cuideachd iar-mheasair airson HMIE agus ball de Chomhairle Craolaidh Foghlaim na h-Alba.

Tha i air a bhith an lùib Mòd Ionadail an Eilean Sgitheanaich bho thill i dhan Eilean mar cheannard-sgoile ann an 1985, agus air comataidh Roinn a Tuath bho 1991, far an robh i na neach-cathrach airson 4 bliadhna agus a-nis na h-iar neach-cathrach air sgàth na th’ aice ri dhèanamh taobh a h-obrach. Tha i air a bhith an sàs anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail o chionn 2001.

Donald MacDonald

Dòmhnull Dòmhnllach

Tha Dòmhnull air a bhith na bhall den Chomunn o chionn 1982, nuair a chaidh e a dh'obair ann an Lunnainn.   An dèidh tilleadh dhachaidh a Leòdhas aig deireadh na h-ochdadan, thòisich e a' cuideachadh le bhi a' ruith Mòd Ionadail Leòdhais agus bha e na cho-ionmhasair aig an dà Mhòd Nàiseanta ma dheireadh a chaidh a chumail anns na h-Eileanan an Iar;  'se an ionmhasair a rithist airson Mòd 2011.   Thàinig e chun a' bhùird ann an 2007 mar riochdaire bho na h-Eileanan an Iar.   Chaith e pìos mòr de bheatha ag obair dha Roinn nan Cuspainn 's nan Cìsean (HM C & E) mus do ghluais e airson greiseag gu BT agus an uair sin, gu Comhairle nan Eilean Siar ann an 1987 mar phrògramair anns an Roinn Compiutaireachd aca.   'S caomh leis a bhith a’ coiseachd nam beann agus a' siubhal (gu h-àraid thall thairis).

John Blair

Iain Blàr

‘S ann a Cille Bride an Ear, Siorrachd Adhair a tha Iain bho thùs ach tha e a’ fuireach a-nis ann an Guireag. ‘S e oifigear leasachaidh Gàidhlig a th’ ann airson Co-Roinn Chille Comhail ann an Inbhir Cluaidh, Siorrachd Rinn Friu agus Siorrachd Rinn Friu an Iar.

Bha e na neach coimpiutaireachd airson 37 bliadhna le IBM agus Lenovo, ceann suidhe Mheur an Leargaidh Ghallda airson 10 bliadhna agus rùnaire na comataidh ionadail aig a’ Mhòid Nàiseanta ann an 2002. Tha e air pàirt a ghabhail sna Mòdan bho 1992 le Còisir Ghàidhlig an Leargaidh Ghallda agus leis fhèin agus tha e cuideachd na bhall den chòmhlan Sunndach. ‘S e rùnaire Roinn an Iar Dheis a th’ ann o chionn 10 bliadhna. Tha Iain air fo-chomataidh Teicneòlais, Bhallrachd.

Amy MacAulay

Amy NicÀmhlaigh

‘S ann do dh’ Uibhist a Deas a bhuinneas Amy NicÀmhlaigh, ged a tha i air a bhith a’ fuireach ann an Eilean Leòdhais airson còrr is 20 bliadhna. Is ann nuair a bha i ag obair na Rùnaire aig A’ Chomunn Ghàidhealach ann an Steòrnabhagh ann an 1991 a thòisich i ag obair an luib Mòd Ionadail Leòdhais agus tha i fhathast ag obair gu saor thoileach air a chomataidh sin.  Bha i air comataidh ionadail Mòd nan Eilean Siar 2001, mar neach-gairm comataidh ionadail Mòd 2005 agus tha i nis na iar neach-gairm airson Mòd 2011. Tha i cuideachd na cathraiche air comataidh Fèis nan Còisir agus na iar-chathraiche air Còisir Lacasdail. 

Nuair a dh’fhàg i An Comunn chaidh i a dh’obair gu Telebhisean Ghrampian gus an do thòisich i ag obair dha Studio Alba ann an 1999.   Anns an dreuchd seo tha i ag obair mar phàirt de sgioba TeleG agus tha i cuideachd a’ tabhach seirbheis fo-thiotalan dha companaidhean telebhisein Gàidhlig. s toigh leatha a bhith a’ seinn agus a’ coiseachd, ach mar is trice, chan ann aig an aon àm!

Calum Iain MacLeod (Observer)

Calum Iain MacLeòid (Neach Amharc)

‘Se Stiùiriche Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig a th’ann an Calum Iain. Roimhe sin bha e ag obair aig a’ Chomunn Ghàidhealach agus aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Am measg buidhnean sam bheil Calum Iain an sàs tha Urras Cuimhneachaidh Dhòmhnaill Stiubhairt agus Deasbad Nàiseanta BT Alba.  Tha e cuideachd an lùib buidhnean aig ìre coimhearsnachd. 'S ann à Nis , Leòdhas a tha e.

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

2009 Sponsor

Royal Bank of Scotland

RBS

2009 Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

2009 Sponsor

Bord na Gaelic

Bord na Gàidhlig

2009 Sponsor

Highland Council

Highland Council