Fàilte gu làrach lìn oifigeil a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail
Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891 agus ‘s e a’ Bhan-Rìgh na pàtran oifigeil. ‘S e a’ phrìomh fhèille Ghàidhlig, a’ comharrachadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig ‘s a’ cruthachadh chothroman dhan mhòr-shluagh pàirt a ghabhail ann am farpaisean òrain Ghàidhlig ‘s ciùil, dannsadh Gàidhealaich, dràma, spòirs ‘s litreachais. Ged as ann stèidhichte air farpaisean a tha e, tha e cuideachd a’ tàbhachd tachartasan mi-fharpaiseach air Iomall a’ Mhòid a bhios a’ gabhail a-staigh nan seinneadairean ‘s luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba agus a’ taisbeanadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa, dràma, ealain agus litreachas.
Tha an taic bho bhuidhnean a leithid Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, Banca Rìoghail na h-Alba, Am Posta Rìoghail, BBC na h-Alba agus Uisge Beatha a’ Bhotail Dhuibh air Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a dhaingneachadh mar phrìomh fhèille chultarach na Gàidhlig ann an Alba.
Tha an taobh eadar-nàiseanta dheth a’ sìor fhàs le taic bho EventScotland agus VisitScotland agus tha na prìomh bhuidhnean leasachaidh Albannach Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Pròiseact nan Ealan , HIE agus Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig cuideachd a’ cur an taic ris.
Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 - Gallaibh - 8-16mh An Dàmhair.