An Comunn Gàidhealac

Eachdraidh

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891 agus ‘s e a’ Bhan-Rìgh na pàtran oifigeil. ‘S e a’ phrìomh fhèille Ghàidhlig, a’ comharrachadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig ‘s a’ cruthachadh chothroman dhan mhòr-shluagh pàirt a ghabhail ann am farpaisean òrain Ghàidhlig ‘s ciùil, dannsadh Gàidhealaich, dràma, spòirs ‘s litreachais. Ged as ann stèidhichte air farpaisean a tha e, tha e cuideachd a’ tàbhachd tachartasan mi-fharpaiseach air Iomall a’ Mhòid a bhios a’ gabhail a-staigh nan seinneadairean ‘s luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba agus a’ taisbeanadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa, dràma, ealain agus litreachas.

A bharrachd air a bhith na àrd-ùrlar eadar-nàiseanta gus cànan ‘s cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh, bheir am Mòd buaidh mhòr chultarach ‘s eacanomaigeach dhan àite far an tèid a chumail, a’ tarraing shanasachd nàiseanta ‘s eadar-nàiseanta agus a’ togail ìomhaigh na àite. Tha am Mòd cuideachd na chothrom bhliadhnail do Ghàidheil ‘s Ghall cruinneachadh ri chèile gus càirdeas a dhaingneachadh ‘s dàimhean ùra a neartachadh. 

Tha an taic bho bhuidhnean a leithid Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, Banca Rìoghail na h-Alba, Am Posta Rìoghail, BBC na h-Alba agus Uisge Beatha a’ Bhotail Dhuibh air Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a dhaingneachadh mar phrìomh fhèille chultarach na Gàidhlig ann an Alba.

Tha an taobh eadar-nàiseanta dheth a’ sìor fhàs le taic bho EventScotland agus VisitScotland agus tha na prìomh bhuidhnean leasachaidh Albannach Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Pròiseact nan Ealan agus Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig cuideachd a’ cur an taic ris.

Tha Leabhar Làimhe a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail a nis ri fhaotainn an seo.

A’ toirt iomradh air Mòd 2008

Chan eil e furasta Mòd nàiseanta a chur air dòigh ann an sgìre ùr ach bha seachdain cheòlmhor agus cultarach ri fhaotainn fad Mòd na h-Eaglaise. Tha e air piseach a thoirt do iomadh leasachadh ùr sa sgìre cuideachd, nam measg Fòram Gàidhlig na h-Eaglaise Brice a dh’obraicheas le buidhnean ionadail agus nàiseanta gus cultar nan Gàidheal a bhrosnachadh.

As dèidh na seachdain soirbheachail seo, tha a’ chomataidh ionadail airson taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a rinn oidhirp mhòr gus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail aig àm a’ Mhòid. Cuimhnichibh gun urrainnear bathair a’ Mhòid a cheannach fhathast air loidhne aig www.mod2008falkirk.org/product.asp -  tha iad uile leth-phris an-dràsta!

A’ toirt iomradh air Mòd 2007

Bidh buill an Teaghlaich Rìoghail gu tric a’ frithealadh a’ Mhòid agus bha Mòd 2007 air dòigh fàilte chridheil dhan Ghearasdan a chur air HRH An t-Iarla Wessex.  
Cuideachd bha riochdairean bho Riaghailteas Ionadail Alba Nuaidh an làthair le Len Goucher, Prìomhaire Turasachd ‘s Dualchais na h- Alba Nuaidh a’ cumail Fosgladh a’ Mhòid. Chaidh saorsachd Loch Abair a thoirt dha Criosaidh NicEacharna a tha air sàr obrach a dhèanamh airson na Gàidhlig thairis nam bliadhnaichean sa sgìre.

B’e soirbeas mòr a bh’ ann am Mod 2007 agus bhuannaich e “Tachartas na Bliadhna” aig na Duaisean Chiùil traidiseanta Albannach. Bha mhath leinn taing mhòr  thoirt dhan a h-uile duine a bha an sàs sa chomataidh ionadail, a’ choimhearsnachd, na farpaisich ‘s na h-eagraichean nàiseanta airson nan oidhirpean aca.

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

2009 Sponsor

Royal Bank of Scotland

RBS

2009 Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

2009 Sponsor

Bord na Gaelic

Bord na Gàidhlig

2009 Sponsor

Highland Council

Highland Council