Prìomh tachartasan
- Ceilidh agus Dannsa- Comataidh Mòd nan Eilean Siar 2011
FIOS NAIDHEACHD
13 Faoilleach 2010
Airson deireadh mìos an Fhaoilleach a chomharrachadh, tha Comataidh Mòd nan Eilean Siar 2011 air cèilidh agus dannsa a chur air dòigh mar phàirt den oidhirp gus airgead a chruinneachadh airson a’ Mhòd. Gabhaidh seo àite ann an Sgìre an Rubha ann an Leòdhas ann an Talla Coimhearsnachd Rubha an t-Siumpain air Dihaoine 29 Faoilleach. Tòisichidh an cèilidh aig 8f agus leanaidh dannsa as dèidh làimh leis a’ chòmhlan òg, tàlantach Oidhche Chiadain. As a’ chiad phàirt den oidhche cluinnear Iain MacAoidh, Seumas Mac an t-Sagairt, Còisir Òg an Rubha, Joy Dunlop, Jenna Chuimeanach agus Ciorstaidh Watt agus Josie Duncan.
A thuilleadh air brot, rolaichean, bèicearachd, tì, cofaidh agus bàr, bidh raffle agus seirbheis bus ri fhaotainn. Gheibhear tiogaidean bho Oifis a’ Chomuinn agus tha iad a’ cosg seachd notaichean agus còig notaichean, neo faodaidh sibh pàigheadh aig an doras. Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh cuiribh fios gu Oifis a’ Chomuinn air 01851 703487.
Ceildh Poster.doc
« Back to Main Events List