Naidheachdan ACG
Oidhirpean Gus Airgead A Chruinneachadh Airson MOD 2011 Air Tòiseachadh
Chaidh a’ chiad taghadh a chumail beò air Isles Fm feasgar Dihaoine 28 Lunasdal 2009, an làthair bha dithis riochdairean bho bhuidhnean a tha a’ toirt seachad taic-airgid don Mhòd Nàiseanta, Calum MacIlleathain bho Phròiseact nan Ealan agus Iain Don MacÌomhair bho Chaledonian Mac a’ Bhruthainn. ‘S e Norah NicDhòmhnaill às an Rubha a bhuannaich a’ chiad duais, fhuair Fiona Knape à Arnoil an dàrna duais de £100 agus ‘s e Doileag NicAoidh à Col Uarach a fhuair an treas duais de £50.
Tha an dealbh a’ sealltainn Norah NicDhòmhnaill a’ faighinn seic airson £250 bho Neach-gairm Comataidh Ionadail a’ Mhòid, Ailig A Dòmhnallach, agus cuideachd chìthear brataichean ùr a’ Mhòid a thèid an cleachdadh airson obair sanasachd eadar seo agus 2011. Thuirt Mgr Dòmhnallach: “Tha mi toilichte dha rìreabh an seic a tha seo a thoirt do Norah agus tha mi cuideachd toilichte gu bheil an Cluba 400 air tòiseachadh. Tha mòran obair fhathast ri dhèanamh ann a bhith a’ cruinneachadh airgead agus faodaidh daoine coimhead air adhart ri sreath de thachartasan a tha a’ togail inbhe Mòd nan Eilean Siar 2011”.
Ma tha ùidh aig duine sam bith pàirt a ghabhail anns an Cluba 400 faodaidh iad post-dealain a chur gu dmacdonald@iname.com airson tuilleadh fiosrachaidh, no faodaidh foirm iarrtais a thogail bho Oifisean a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an Ceàrnag Phearsabhail, Steòrnabhagh. Tha an Cluba 400 a’ tighinn a-mach as do chumnant mar Direct Debit agus tha e a cosg £5 gach mìos.
Published: 14 Sep 2009