An Comunn Gàidhealac

Naidheachdan ACG

Taisbeanadh na Gàidhlig

 

Taisbeanadh na Gàidhlig agus Gallaibh

Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath, Inbhir Theòrsa

11 – 15 Dàmhair 2010.

Am-bliadhna, tha an Taisbeanadh gu bhith stèidhichte anns an ‘Dome’ ann an Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath, agus tha sinn air cuireadh a thoirt do bhuidhnean à Gallaibh a thighinn airson pàirt a ghabhail san Taisbeanadh gus blas de feadhainn de na seirbheisean aca a thoirt seachad.   

 

Thigibh gu Taisbeanadh na Gàidhlig airson coinneachadh ri buidhnean Gàidhlig agus buidhnean Ionadail agus gheibhear cothrom bruidhinn riutha mu an obair a tha iad a’ dèanamh.  Bidh cothrom ann cuideachd cupan tì no cofaidh a cheannachd ann an Café @ Morven!

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt fìor dheagh chothrom do bhuidhnean sàsaichte ann an cànan na Gàidhlig am bathair, a’ bhuidheann no na seirbheisean Gàidhlig aca a bhrosnachadh do luchd-frithealaidh agus farpaisich a’ Mhòid.

Bidh am bathair a thèid a thaisbeanadh gu cunbhalach aig a’ Mhòd a’ gabhail a-staigh leabhraichean, clàran, ealain, dealbhan ‘s ceàird. Gu h-àbhaisteach, bidh taisbeanaidhean aig Comhairle nan Leabhraichean, MG Alba, Sabhal Mòr Ostaig agus Pàrlamaid na h-Alba.

Tha sinn toilichte gu bheil a leithid ri Tartan Bodices, DM Couture, Mackay Country Project, Felt Creations, Mey Selections & Dualchas Nàdair na h-Alba am-measg feadhainn de na buidhnean a tha gu bhith an làthair aig an taisbeanadh am-bliadhna.

Tha sinn toilichte gu bheil Iomairt na Gàidhealtachd ‘snan Eileanan gu bhith còmhla rinn gus innse mun obair a tha iad a’ dèanamh anns an sgìre seo agus an taic a tha iad a’ toirt dhan Ghàidhlig.

 

Am-bliadhna tha sinn a’ comharrachadh agus a’ cur fàilte air cliù na h-Alba mar àite a tha loma-làn de dheagh bhiadh is deoch agus tha sinn air cuireadh a thoirt do bhuidhnean ionadail a thighinn còmhla rinn gus na seirbheisean aca a thabhann.

Ma tha ùidh aig a’ chompanaidh no am buidheann agaibh barrachd a chluinntinn mun taisbeanadh seo san taisbeanadh seo cuiribh fios gu:

Alison Henderson
Fòn: 07552 167801
Post-d -  alison@mypinkiepromise.co.uk
.

Published: 09 Sep 2010

« Back to ACG News List

Argyll and Bute Council

Sponsor

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

Royal Bank of Scotland

RBS

Sponsor

BBC Alba

Royal Mail

Sponsor

Royal Mail

BBC Alba

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Bord na Gaelic

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise