Naidheachdan ACG
Soraidh slàn le Joy Dunlop
As dèidh dhith còig bliadhnaichean gu leth mar oifigear leasachaidh a’ Chomuinn Ghàidhealaich, tha Joy Dunlop a’ leigeil dhith a dreuchd aig deireadh na Màirt. Bu math leatha taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine leis an do dh’ obraich i ‘s i a’ guidhe gach soirbheas dha muinntir a’ Chomuinn Ghàidhealaich san àm ti teachd.
Ma thathas airson fios a chur ri Joy, cleachdaibh an seòladh ùr aice – info@joydunlop.com.
Published: 30 Mar 2010