Naidheachdan ACG
Mòd 2011 (Club 400)
Chaidh taghadh an Lunasdal a chumail beò air Isles FM aig deireadh na miosa. ‘Si Beatrice NicLeòid a Steornabhagh a bhuannaich a’ chiad duais de £250, fhuair Mairead Anna NicLeòid a Steornabhagh an dàrna duais de £100 agus ‘si Cairstiona NicLeòid a Baile Eoghainn a fhuair an treas duais de £50.
Ma tha ùidh aig duine sam bith pàirt a ghabhail anns an Club 400, faodaidh iad post-dealain a chur gu dmacdonald@iname.com airson tuilleadh fiosrachaidh, neo faodaidh foirm iarrtais a thogail bho Oifisean a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an Ceàrnag Phearsabhail, Steòrnabhagh. Tha an Club 400 a’ tighinn a-mach as do cunntas-banca mar gnàth-òrdugh agus tha e a cosg £5 gach mìos.
Published: 31 Aug 2010