An Comunn Gàidhealac

Naidheachdan ACG

An Fheis Phan Cheilteach

Chaidh Feill Phan Cheilteach mhiorbhaileach eile a chumail o chionn ghoirid ann an Baile Dhun nan Gall, Eirinn. Chruinnich riochdairean bho na 6 duthchannan Ceilteach cruinn comhla airson seachdain lan ciuil agus craic. Shoirbhich seinneadairean na h-Alba a-rithist le Raymond Bremner a' buannachadh farpais an t-seann nois agus Atomic Piseag a' gleidheadh na ciad duais ann am farpais choisearan nam mna. Chaidh an darna duais cuideachd a thoirt do Oran Ur do Mhuile, Balaich na h-Alba agus Coisir Ghaidhlig Thaigh an Uillt sna roinn aca fhein. An lathair cuideachd bha Ailean Domhnallach, a choisinn farpais an t-seann nois aig a' Mhod Naiseanta an uiridh agus Iain Moireasdan, Ard Oifigear a' Chomuinn Ghaidhealach. Thuirt Iain, "B' e Feille fior mhath a bh' ann a-rithist. Bha an t-side alainn agus bha na h-Albannaich air an doigh a' seinn orain Ghaidhlig bho mhoch gu dubh. Chord i rinn glan uile agus tha mi ri fiughair gus co-obrachadh air dealbhachadh na Feille san am ri teachd."

Theid Feille 2010 a chumail anns An Daingean, Siorrachd Chorraigh airson na ciad uair an ath bhliadhna, faicibh an larach-lin oifigeil airson barrachd fiosrachaidh.

Published: 27 Apr 2009

« Back to ACG News List

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

2009 Sponsor

Royal Bank of Scotland

RBS

2009 Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

2009 Sponsor

Bord na Gaelic

Bord na Gàidhlig

2009 Sponsor

Highland Council

Highland Council