An Comunn Gàidhealac

Eachdraidh a’ Chomuinn

Tha An Comunn Gàidhealach na bhuidheann saor-thoileach le inbhe carthannais. Chaidh a stèidheachadh anns an Òban ann an 1891 mar dhòigh airson cànan is cultar nan Gaidheal a bhrosnachadh.

Tha An Comunn Gàidhealach a' toirt misneachd do dhaoine a bhith a’ cleachdadh, a’teagaisg agus ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha e an sàs ann an eachdraidh, litreachas, ealain agus ceòl Gàidhlig. Aig an fhìor thoiseach bha An Comunn an sàs anns a bhith a’ stèidheachadh fèis Ghàidhlig, a’ cleachdadh tè a bha ann an Eisteddfod anns a' Chuimrigh mar shamhla. ’S e “Am Mòd” a thug iad air an fhèis seo agus as dèidh 100 bliadhna soirbheachail fhuair am Mòd an aithneachadh air an robh e airidh nuair a bhuilich a' Bhànrigh an Aonta Rìoghail air. ’S e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a th’ air a-nis.

Tha a Bhànrigh na cùl-taic den Chomunn Gàidhealach, ’s e an àireamh carthannais aig a' Mhòid SCO01282.

Mar is trice 's e An Comunn a th' aig daoine air, an àite An Comunn Gàidhealach. Tha e a-measg nam prìomh buidhnean a tha a’ riochdachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail.

Amasan a' Chomuinn Ghaidhealaich

A bhith a' brosnachadh cànain, cultair, eachdraidh is dualchas nan Gàidheal aig ìreanionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta le bhith:

  • A' brosnachadh a' chànain aig ìre choimhearsnachd
  • A' brosnachadh foghlaim, litreachais, ceòl, dràma agus ealain na Gàidhlig
  • A' lorg Inbhe Thèarainte dhan Ghàidhlig agus ag iarraidh air buidhnean poblach a bhith a’ cleachdadh a' chànain bho latha gu latha, le bhith ag obair ann an compàirteachas le buidhnean eile a tha ag obair airson cànan agus cultar na Gàidhlig.
  • 'S e buidheann neo-phoileataigeach a th' anns a' Chomunn agus tha ballrachd fosgailte gu neach sam bith aig a bheil na h-amasan gu h-àrd