An Comunn Gàidhealac

Naidheachdan a’ Mhòid

Ceann latha iarrtasan a’ Mhòid

 

 

Le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2012 a’ taomadh a-steach gach latha tha eagraichean a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach, trang ag ullachadh airson tachartas na bliadhna seo, a thèid a chumail ann an Dùn Omhain airson an t-seachdamh turas.

 

Ged a tha mòran de thagraidhean air a thighinn a-steach mu thràth, tha An Comunn a’ dùileachadh gun tig cuid mhath fhathast ron cheann-latha ainmichte air 31 Cèitean agus tha iad a-rithist a’ cur an cuimhne dhaoine cho cudromach sa tha e gum faighear tagraidhean làn-lìonte a-steach ron àm.   http://www.acgmod.org/nationalmod/entryform 

 

Dhaingnich Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’  bheachd seo ag ràdh, "Tha e fìor chudromach gum faigh sinn tagraidhean slàn ron cheann – latha ainmichte, cuide ri cìsean iomchaidh, gus an tèid an obair ullachaidh a thòiseachadh cho luath sa ghabhas, ann a bhith a’cur  britheamhan mu choinneamh fharpaisean agus farpaisean mu choinneamh àiteachan;  ma thig dàil sam bith air an obair seo, cuiridh e bacadh air foillseachadh Program a’ Mhòid, rud a chuireas dragh air luchd-leantainn a’Mhòid.

 

Gheibhear fiosrachadh  air an làrach lìn mu dhèidhinn àmannan agus àiteachan nam farpaisean”

 Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail neo Mòd Dhùn Omhain 2012 feuch an tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk neo www.dunoonmod2012.org

 

Published: 23rd May 2012

« Back to Mod News List