An Comunn Gàidhealac

Naidheachdan a’ Mhòid

Cèilidh Mòd 2011

 

 

Leis gu bheil nas lugha na bliadhna gus an tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan an Iar, tha Comataidh Ionadail Mòd nan Eilean Siar 2011 air cèilidh agus dannsa a chur air dòigh ann an taigh-òsta a’ Chaladh air Disathairne 13 Samhain 2010.   

  

Tòisichidh an cèilidh aig 7.30f agus tha a h-uile coltas ann gur e deagh oidhche a bhios ann!  A’ dèanamh an slighe tarsaing a’ Chuan Sgìth tha còisir ùr, Còisir Ghàidhlig an Iar Thuath, a chaidh a stèidheachadh do Bhuill a tha a’ fuireach ann an Ulapul agus an sgìre a tha ga chuairteachadh agus a tha fo stiùir Lisa NicDhòmhnaill.  

  

Cluinnear cuideachd, Mairead NicLaomain a bhuannaich Bonn òr an t-Seann Nòs 2010 agus ‘s e deagh chothrom a tha seo do mhuinntir Leòdhais Mairead a cluinntinn on a thill i air ais bho bhith aig Mòd ann an Gallaibh.  Na cuideachd bidh Daibhidh MacIllFhinnein, Annabel agus Màiri NicIllFhinnein, Dòmhnall N Moireasdain, Mnàthan Lacasdail agus Còisir Sgìre a’ Bhac, aig an robh Mòd air leth soirbheachail air a’ bhliadhna seo. 

  

A’ dèanamh a shlighe tarsaing a’ Chlisham le chòmhlan bi Iain Aonghas MacLeòid a chluicheas aig an dannsa.

 

 

Gheibhear tiogaidean bho Oifis a’ Chomuinn agus cosgaidh iad còig notaichean, neo faodaidh sibh pàigheadh aig an doras.  Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh cuiribh fios gu Oifis a’ Chomuinn air 01851 703487.   

 

 

Published: 02nd Nov 2010

« Back to Mod News List
Highland Council

Highland Council

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

Royal Bank of Scotland

RBS

Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

Bord na Gaelic

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise