An Comunn Gàidhealac

Naidheachdan a’ Mhòid

Program 2012 ga ainmeachadh

 

DÙN OMHAIN GU BHITH TOIRT AOIGHEACHD DON

109mh Mòd nàiseanta rìoghail

PRÒGRAM TACHARTAIS DHÙN OMHAIN GA AINMEACHADH

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis na h-Alba a’ comharrachadh cànan is dualchas na Gàidhlig, am-bliadhna a’ siubhal gu Dùn Omhain airson an t-seachdamh uair ann an eachdraidh 120 bliadhna.  Bha e mu dheireadh sa bhaile seo ann an 2006.

Tha an tachartas ochd-latha seo de cheòl, dhannsa, dhràma, ealain is litreachas na Gàidhlig, a bhios a’ ruith eadar Dihaoine 12 is Disathairne 20 Dàmhair, an dùil na mìltean de luchd com-pàirt is luchd-turais a thàladh don sgìre.

Fo stiùir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a’ bhuidheann as sine agus as measail am measg nam buidhnean Gàidhlig air fad, is e fèis fharpaiseach a tha anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ tàladh dhannsairean, phìobairean, luchd-ciùil, sheinneadairean is fharpaisich eile bho choimhearsnachdan air feadh an t-saoghail.   

A-nis às deidh 120 bliadhna bhon chiad Mòd, tha eachdraidh mhòr an cois a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus tha am Mòd air fàs gu bhith na fèis as cudromaich do chànan na Gàidhlig ann an Alba, gu tric a’ cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig is farpaisich bho cho fad air falbh ri Astràilia, na SA agus Canada.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Is e seo an t-seachdamh uair a tha Dùn Omhain air aoigheachd a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus tha sinn uamhasach toilichte a bhith air ais ann an Dùn Omhain oir gheibh sinn fàilte mhòr bhon choimhearsnachd an seo. Seach gun tug iad aoigheachd o chionn ghoirid do Gheamannan Gàidhealach a’ Chòmhaill, tha muinntir Dhùn Omhain eòlach gu leòr air a bhith a’ dèiligeadh ri làn baile de dhannsairean, luchd-ciùil is phìobairean agus mar sin gheibh sinn làn aoigheachd fhad’s a bhios sinn a’ tadhal an seo fad na seachdain.”

Bho chaidh a’ chiad cruinneachadh air adhart ann an 1892, tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air fàs gu bhith na an dàrna fèis as cudromaich a th’ann an Alba, a’ faighinn barrachd taic na bha i a-riamh agus a tàladh luchd-turais bho cho fad às ri Astràilia, na SA agus Canada. Tha ceangal air a bhith eadar am Mòd agus an Teaghlach Rìoghail bho 1912, agus A’ Bhan-rìgh fhèin na Neach-taic don Chomuinn Ghàidhealaich a bhios a’ cur am Mòd air chois, agus bidh buill den Teaghlach Rìoghail gu tric a’ tadhal air an tachartas, nam measg Am Prionnsa Teàrlach, Diùc Baile Bhòid a thadhal air a’ Mhòd ann an 2010 nuair a thug Gallaibh aoigheachd don tachartas airson a’ chiad uair.



Ged is e tachartas farpaiseach gu mòr a tha sa Mhòd, tha buaidh mhòr aige aig ìre shòisealta. Le bhith a’ brosnachadh agus a’ comharrachadh cultair na Gàidhlig gu poblach air àrd-ùrlair eadar-nàiseanta, tha e a’ cuideachadh le bhith a’ toirt daoine is coimhearsnachdan – aig a bheil a’ Ghàidhlig agus aig nach eil – còmhla. Tha e a’ toirt adhbhar dha daoine is buidhnean tàlantach fa-leth na tàlantan aca a leasachadh aig ìre poblach.


Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt chothroman mòr dha daoine tro fharpaisean, eadar fileantaich agus iadsan a tha aig ìre nas tràithe ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain.

Bidh an fhèis a’ tòiseachadh air Dihaoine 12 Dàmhair le tachartas fosglaidh mòr ann an Talla na Ban-righinn tràth san àrd-fheasgair.

Mar as àbhaist bidh geam bliadhnail iomain ann Disathairne agus am-bliadhna is ann eadar Sgioba a’ Chaoil is Baile Bhòid a bhios an fharpais agus a bharrachd air an sin bidh farpais ball-coise eadar Dùn Omhain is baile aoigheachd Mòd 2013 - Pàislig.  Thèid Cuirm nam Fìdhlearan cuideachd air adhart an oidhche sin ann an Talla na Ban-righinn anns am bi na ceudan de luchd-ciùil an sàs.

                                                                                  

Thèid farpaisean na cloinne air adhart aig toiseach na seachdain agus bidh faisg air 1,650 leanabh bho air feadh na dùthcha an sàs annta, àireamh a tha co-chosmhail ris an turas mu dheireadh a bha am Mòd ann an Dùn Omhain. Cumar na cuairtean-ullachaidh airson Buinn Òr an t-Seann Nòs agus Buinn Òr a’ Chomuinn agus farpaisean Chlarsach air Diciadain 17 Dàmhair agus bidh na cuairtean dheireannaich ann Diardaoin 18 Dàmhair. Tha àireamh luchd-farpais nam fir gu math fallain le barrachd fir a’ gabhail pàirt ann am farpaisean Buinn Òr a’ Chomuinn agus an t-Seann Nòis am-bliadhna.

Thèid co-dhùnadh mu dhuaisean òir-mhiannach MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Mhàiread NicDhonnchaidh air Dihaoine 19 Dàmhair mus tèid a’ chuirm dheireannaich air adhart. Thig cùisean gu crìch aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2012 air Disathairne 20 Dàmhair nuair a chruinnicheas na mòr-chòisirean le caismeachd tro Dhùn Omhain le còmhlain pìoba ionadail aig an stiùir.  

Air iomall a’ Mhòid, tha cothrom ann gach bliadhna dha Gàidheil agus Goill a bhith a’ cruinneachadh gus càirdeas ùrachadh neo eòlas fhaighinn air caraidean ùra. Am-bliadhna tha tachartasan a’ toirt a-steach cèilidhean ann an Taigh-òsta Ghleann Mhòraig, Taigh-òsta na Pàirc, Na Bràighean, Bar Ingram, Bar Sinbad is 51st State a bharrachd air cuirm airson a bhith a’ comharrachadh ceangal 120 bliadhna eadar Comann na Clàrsaich is Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, agus thèid seo air adhart oidhche Chiadain 17 Dàmhair le Buannaichean Buinn Òr Wilma NicUalraig is Seumas Greumach, agus clàrsairean Màiri is Calum Macleòid.

Thuirt stiùiriche Comhairle Earraghàidheal is Bhòid Ruairidh McCuish: “Gach uair a bhios am Mòd ann an Earraghàidheal tha sinn a’ faireachdainn gu bheil am Mòd a’ tighinn dhachaigh, oir tha uidhir den eachdraidh againn cho ceangailte ris a’ Mhòd.

“Is ann san Òban a bha a’ chiad tachartas a-riamh ann an 1892 agus a-nis tha aithne eadar-nàiseanta aig an tachartas agus tha e a’ tàladh luchd-leantainn bho air feadh an t-saoghail.

“Tha buannachd eile an cois a’ Mhòd agus se sin an togail mòr a tha e a’ toirt don eaconomaidh agus do dhualachas na sgìre agus a’ tàladh foillseachadh mòr aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta, a’ cuideachadh le iomhaigh a’ bhaile far am bi an tachartas a’dol air adhart.

“Bidh a’ Chomataidh Ionadail, Comhairle Earraghàidheal is Bhòid agus a’ choimhearsnachd ionadail gu math toilichte fàilte a chur air luchd-tadhail gu Mòd Dhùn Omhain an an 2012.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Àrd-oifigear Gnìomh aig EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta: ”Ann an 2012, Bliadhna Alba Chruthachail, tha sinn uamhasach toilichte taic a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail a-rithist, a bhios a’ comharrachadh cànan na Gàidhlig is dualchas beartach na h-Alba.  Tha Alba air-leth freagarrach airson tachartasan, agus bidh Dùn Omhain gu math freagarrach airson tachartas a tha ionmholta mar thachartas san dùthaich againn.”

A’ toirt an taic don Mhòd, tha Comhairle Earraghàidheal is Bhòid, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta, Banca Rìoghail na h-Alba, SQA, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Posta Rìoghail.   

Airson làn-phrògram na Fèise agus mion-fhiosrachadh, tadhlaibh air  www.acgmod.org no air www.dunoonmod2012.org.uk  

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail – Clàr nan Tachartasan 2012

Ceann-là  

Tachartas                                                      

Àite*

Dihaoine 12 Dàmh                       

Tachartas Fosglaidh 

Talla na Ban-righinn

Disathairne 13 Dàmh                    

Cuairt-dheireannach Cupa Iomain a’ Mhòid

Steideam Dhùn Omhain

Cuirm nam Fìdhlearan        

Talla na Ban-righinn

Pìobaireachd

Bun-sgoil Cheàrn

Didòmhnaich 14 Dàmh                      

Seirbheis a’ Mhòid

Eaglais Naomh Eòin

Aoradh Ceilteach

Talla na Ban-righinn

Diluain 15 Dàmh                      

Cuirm na Cloinne 

Talla na Ban-righinn

Dimàirt 16 Dàmh                     

Cuirm na Cloinne

Talla na Ban-righinn

Diciadain 17 Dàmh               

Duaisean Litreachais

Taigh-òsta na Pàirc

Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir 

An Àrd-eaglais

Cuairt Dheireannaich an Aigeallain Airgid                               

Talla na Ban-righinn

Cuairt Dheireannaich an Dràma                                          

Àrd-sgoil Dhùn Omhain

Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir - Seann Nòs                              

An Àrd-eaglais

Diardaoin 18 Dàmh                    

Dannsa Gàidhealach                                   

Cidhe Mhic an t-Sealgair

Cuairt dheireannaich Bonn Òr a’ Chomuinn            

Talla na Ban-righinn

Cuairt dheireannaich a’ Bhuinn Òir – Seann Nòs

Talla na Ban-righinn

Dihaoine 19 Dàmh                           

MacShimidh is Thulaich Bhàrdainn                                

Talla na Ban-righinn

Màiread NicDhonnchaidh                                    

Eaglais Naomh Eòin

A’ Chuirm Dheireannaich

Talla na Ban-righinn

Disathairne 20 Dàmh        

Caismeachd Mòr-chòisirean is Chòmhlain Pìoba         

Gàrraidhean Earraghàidheal

*  faodaidh seo atharrachadh.

Published: 17th Sep 2012

« Back to Mod News List