An Comunn Gàidhealac

Naidheachdan a’ Mhòid

Farpais Ùr dha Sgoilearan ann an Ghallaibh is Chataibh

Cuach Comataidh Sgìre Lochabair 

Bidh cothrom aig sgoilearan air feadh sgìre Ghallaibh is Chataibh cur a-steach airson farpais ùr aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.  Chaidh Cuach Comataidh Sgìre Lochabair a thoirt seachad don Chomuinn Ghàidhealach gus sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh am-measg òigridh.  Thèid an duais a thoirt seachad don sgrìobhaiche is fheàrr bhon sgìre anns a bheil am Mòd a’ gabhail àite gach bliadhna. 

Tha an fhairpais seo fosgailte dha duine sam bith aig àois àrd-sgoil air 1mh den Dàmhair 2010, bho sgìre Ghallaibh is Chataibh a-mhàin.  Thèid an duais seo a thoirt seachad aig Latha Litreachais air Diciadain 13mh den Dàmhair mar phàirt de phrògram oifigeil Mòd 2010. 

Feumaidh gach farpaiseach sgrìobhadh co dhiù 200 facal, mu eachdraidh an sgìre aca fhèin.  Bu chòrr dhaibh am pìos sgrìobhaidh a chur a-steach le foirm iarrtais gu An Comunn Gàidhealach, 109 Sràid na h-Eaglaise, Inbhirnis, IV1 1EY ro 31mh den Chèitean.  

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Marina NicLeòid aig [email protected] no cuiribh fòn air 01851 703 487.

Published: 06th Apr 2010

« Back to Mod News List
Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

2009 Sponsor

Royal Bank of Scotland

RBS

2009 Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

2009 Sponsor

Bord na Gaelic

Bord na Gàidhlig

2009 Sponsor

Highland Council